Cruthachadh ‘a’ Choille Dhearg’: Coimisean Glainne Dhathach Ann An Glaschu
Materials, Skills | Written by: Gordon Muir | Thursday 3 October 2024
Tha obair-ciùird agus glèidheadh glainne dhathach nam pàirt dheatamach de ghlèidhteachas thogalaichean. Tha ar Comhaltachd Ciùird Glainne Dhathach a’ cur taic ris an sgil fo chunnart seo agus air a bhith a’ toirt obair ùr gu buil, a tha brosnaichte tro dhualchas na Gàidhlig.
Is e Gòrdan Muir ar Comhaltachd Ciùird Glainne Dhathach a tha stèidhichte aig an t-Seada Einnsein ann an Sruighlea. Air aoigheachd bho Rab MacAonghais, an speisealaiche creideasaichte agus neach-labhairt Gàidhlig dùthchasach bhon Institiùd Glèidhteachais (ICON), tha Gòrdan ag innse dhuinn mar a chruthaich iad còmhla sia uinneagan eireachdail ann an Gàidhlig do Thaigh-cluiche, Bàr agus Talla-cluiche Webster (Websters) ann an Glaschu.
Ceàird fo Chunnart
Tha mi fìor bhrosnaichte gur mi an Comhaltach Ciùird Glainne Dhathach aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES). Tha a’ Chomhaltachd ag amas air dèiligeadh ri gainnead nan sgilean traidiseanta san raon seo, a tha air an aithneachadh le Comann nan Ceàird Dualchais gu bhith ann an cunnart san Rìoghachd Aonaichte.
Tha iad a’ mìneachadh dèanamh eachdraidheil air uinneagan dathach mar a bhith ‘dealbhadh agus dèanamh uinneagan glainne dhathach air am peantadh agus le luaidhe air sgèile mhòr airson shuidheachaidhean arc-eòlasach, mar as trice airson cleachdadh ann an togalaichean eachdraidheil agus eaglaisean. Tha seo eadar-dhealaichte bho ghlainne dhathach cho-aimsireil no arc-eòlasach far a bheil uinneagan gu h-àbhaisteach dèante bho aon phìos glainne agus dathte le eanamailean’.
Thòisich mi mo Chomhaltachd Ciùird san Fhaoilleach ag obair ann an stiùidio Rab MhicAonghais ann an Glaschu. Tha obair Raib a’ gabhail a-steach choimiseanan glainne dhathach agus pròiseactan glèidhteachais, agus b’ e ‘A’ Choille Dhearg’ aon de na ciad phròiseactan a rinn sinn còmhla, air a choimiseanadh do Thaigh-cluiche Webster, a bha aig aon àm mar Eaglais Pharaiste Landsdowne air
Rathad Great Western agus clàraichte ann an Catagaraidh A.
Uinneagan glainne dhathach Alf Webster
Tha Taigh-cluiche Webster ainmichte às dèidh an neach-ealain chliùitich glainne dhathach, Alf Webster, a chruthaich grunn uinneagan don togalach a bha na h-eaglais aig aon àm. Bha Alf mar aon den luchd-ealain glainne dhathach a bu chomasaiche agus a b’ ùr-ghnàthaiche den 20mh linn. Gu mì-fhortanach, bhàsaich e san Fhraing an dèidh a bhith air a leòn gu dona sa Chiad Chogadh Mhòr, ach na bheatha ghoirid thàinig aige air saidhbhreas de dh’obair a chruthachadh, a bha ùr-nodha agus atharrachail na dhòigh-obrach le glainne dhathach.
Tha na h-uinneagan a chruthaich Alf rim faicinn ann an taigh-cluiche Webster chun an latha an-diugh, agus tha mi an dòchas a bhith a’ cuideachadh Rab le an glèidhteachas san àm ri teachd, gus am bi cothrom aig a’ phoball am faicinn. San eadar-ama, tha taigh-cluiche Webster air an t-Seòmar-suidhe Sgaraidh aca fhosgladh o chionn ghoirid, far am faic thu uinneagan na Coille Deirge.
A’ Choille Dhearg
Ag ionadachadh uinneagan glainne cuaraidh dhaimein inneachail, (bhon Fhraingis “carre”, a’ ciallachadh ceàrnag), chaidh na h-uinneagan ùra a chruthachadh le taic fhialaidh bho thabhartaiche ionadail agus caraid do Thaigh-cluiche Webster, a tha air a chuimhneachadh air aon de dh’oirean na h-uinneige.
Bha buaidh làidir aig Alf Webster agus Greum Moireach air uinneagan na Coille Deirge a fhuair an ionnsachadh sam Bauhaus anns a’ Ghearmailt agus a mhìnich gun do shuidhich Kandinsky obair do a chuid oileanaich: coille dhearg a pheantadh.
Tha an cuspair a’ tarraing bho bhuidheann ‘Der Blaue Reiter’ (The Blue Rider) de luchd-ealain. Am measg a’ ghluasaid de luchd-cruthachail bha Franz Marc, Wassily Kandinsky, Marianne von Werefkin agus Elizabeth Epstein. Chaidh an obair-san, coltach ri obair Alf Webster, a chuir troimh-chèile le toiseach a’ Chiad Chogaidh Mhòir, agus sgaoil am buidheann ealain orgànach seo ’s iad air an sgreamhachadh leis a’ chall-beatha agus leis an atharrachadh ann an dàimhean pearsanta.
Tha Der Blaue Reiter air a thoirt bho mheas Franz Marc air eich agus meas Wassily Kandinsky air marcachd. Bha co-cheangalan spioradail agus samhlachail aig dath; bha iad a’ creidsinn cuideachd sa cheangal eadar ealain agus ceòl, agus modh-obrach spòrsail is imfhiosach a thaobh peantadh. Mar sin, bho nach eil eich ghorm rim faotainn, chan eil A’ Choille Dhearg nas motha.
Brosnachadh bho dhachaigh Ghàidhlig
Is e Gàidheal a th’ ann an Rab agus tha taigh a sheanair aige fhathast far na chuir e seachad a’ mhòr-chuid de a leanabachd ann an Leumrabhagh, Ceann a Deas nan Loch ann an Eilean Leòdhais. B’ e Gàidhlig a chiad chànan, a bha air a cleachdadh an dà chuid san dachaigh agus le a mhàthair, nuair a bhiodh i a’ bruidhinn ris.
Nuair a bha e ag ionnsachadh aig École des Beaux-Arts ann am Paris, thigeadh Rab dhachaigh a rùsgadh chaorach agus a bhuain mòine. Tha na h-uinneagan nan taisbeanadh air òige agus cànan measgaichte, bho bhith a’ coimhead ainmean mharasgalan le Gàidhlig air an Arc de Triomphe ann am Paris, gu dol dhachaigh a dh’iasgach mu choinneamh nan Eilean Mòra a-mach à Loch Seile.
A’ faireachdainn gu làidir nach eil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh bitheanta gu leòr agus an-còmhnaidh deiseil airson a chànan màthaireil a chur air adhart, thòisich Rab a’ cleachdadh Gàidhlig, Laideann agus uaireannan Beurla sna prìomh uinneagan aige. Mar a tha Rab ag ràdh: ‘Suas Leis a’ Ghàidhlig’.
Na clàran-ainm Gàidhlig
Bho thoiseach pròiseact na Coille Deirge, bha Rab air co-dhùnadh clàr-ainm eileamaideach ann an Gàidhlig a thoirt do gach aon de na sia uinneagan. Thug e cothrom dhòmhsa cuideachd air an dealbhadh agus cuid de na dealbhan a chruthachadh.
B’ e m’ obair-sa na facail Ghàidhlig a riochdachadh ann an dòigh bhuadhach. Tha A’ Choille Dhearg freumhaichte ann an ‘Talamh’, le feum air ‘Uisge’, air a sèideadh le ‘Gaoth’, air a beathachadh le ‘Grian’, air a bagairt le ‘Teine’ agus fo bhuaidh ‘Gealach’.
Dealbhan eileamaideach
Tha cuspairean a thaobh cunnart agus call air am freumhachadh sna h-ainmean; faodaidh teine coille a bhith mòr-thubaisteach, is urrainn do thuiltean caoban talmhainn a ghiùlain air falbh agus tha e comasach don ghaoith craobhan a leagail. Bha coltas gun robh ceistean mun àrainneachd againn agus buaidh daonna follaiseach mar-thà. Tha coilltean a’ toirt aoigheachd do chruthan beatha, leithid biastagan, eòin agus nathraichean. Bha coltas gun robh iad sin uile nan roghainnean follaiseach gu bhith air an gabhail a-steach don dealbhadh.
Tha na h-uinneagan air an suidheachadh mu choinneamh Abhainn Cheilbhinn agus is e a’ chorra-ghritheach aon de na feartan a th’ orra, a chithear na seasamh air aon chois a’ feitheamh ris an ath bhiadh aice.
Mo chiad losgaidhean
Bha mi airson gun togadh mo chiad losgaidhean beaga de dhealbhan air glainne, ceistean feòrachail. Tha an t-iasg a-mach às an uisge agus bun-os-cionn. A bheil e marbh, no dìreach a’ leum a-mach às an uisge?
Tha dà ìomhaigh ann den chorra-ghrithich. Ann an aon dhiubh, tha coltas sona gu leòr oirre, tha a’ chorra-ghritheach eile a tha air iteig (sgàil-riochd) a’ coimhead mar gu bheil i a’ fàgail, no a bheil i a’ tilleadh? Tha a’ chorra-ghritheach eile a tha na seasamh, gu diofraichte a’ coimhead suidhichte san àrainneachd aice.
Ag ionnsachadh air peant glainneach a chleachdadh
B’ e seo a’ chiad turas agam a’ cleachdadh peant glainneach airson dealbhan a tharraing air glainne. Tha peant glainneach na mheasgachadh de ghlainne air a pronnadh agus ogsaid datha, no measgachadh de dh’ogsaidean meatailteach leithid iarann, copair, còbalt, mangaineis agus eile. Anns a’ ghlainne phronn, tha silica, alumina, bòracs agus luaidhe. Tha iad sin air an reic ann an cruth pùdair, agus mus cuirear gu feum e ann an glainne feumar a mheasgachadh le ola, no uisge agus glaodh Arabach airson a cho-dhlùthachadh. Airson leanailteachd mhaireannach, feumaidh seo a losgadh ann an àth.
Measgachadh le ola clòbha
Tha ola clòbha mar ola a tha fìor ghrinn, aotrom, spìosrach agus a chleachdar ann am maise-gnùise is cungaidhean-leigheis. Airson peantadh air glainne, is e stuth measgachaidh fìor fhreagarrach a th’ ann ga chleachdadh le peann goib, nuair a thèid a mheasgachadh san dòigh cheart. Tha ola clòbha a’ toirt ùine mhòr a’ tiormachadh, mar sin tha e nas fheàrr ìomhaighean a losgadh sa bhad an dèidh an crìochnachadh. Nuair a thèid a losgadh san àtha, tha an ola a’ losgadh agus am peant a’ co-leaghadh ris a’ ghlainne.
A thaobh nan clàran ainme Gàidhlig, dh’fheumadh tuairisgeul dealbhach làidir de na facail a bhith orra. A’ tòiseachadh le Gaoth, chleachd mi am measgachadh ceudna de dh’ola clòbha agus peant glainneach gus an ìomhaigh a tharraing, a chaidh a losgadh an uair sin, agus stuth dathaidh eile aithnichte mar dhath airgid.
Dè th’ ann an dath airgid?
Nochd dath airgid an toiseach ann am meadhan na 14mh linn agus sin an dath a tha ann an ‘glainne dhathach’. Mheudaich a chleachdadh thar nan linntean on a bha e a’ ceadachadh do luchd-ealain an dath follaiseach buidhe a chur air glainne shoilleir no air glainne le dath aotrom, mar sin a’ cruthachadh cothrom air dà dhath a bhith air aon phìos glainne. Dh’fhosgail an dòigh seo comasan ùra air pàirtean den uinneig a sgeadachadh le barrachd seòltachd agus grinneas.
San latha an-diugh, tha dath airgid ga reic ann an cruth pùdair air a dhèanamh suas de naidhtreat airgid agus glaodh gamboge, ròiseid glaodha orains gu donn a chaidh fhaighinn bho chraobhan ann an Ear-Dheas Àisia. Tha e gu h-àbhaisteach air a mheasgachadh le uisge, agus tha an glaodh gamboge ag obair mar charbad agus mar cheangalair. Is àbhaist a bhith ga chur air glainne agus ga losgadh ann an àth. Tron losgadh, cuiridh an stuth seo dath buidhe air a’ ghlainne. An dèidh an losgaidh, nuair a tha a’ ghlainne fuar, tha an gamboge air a nighe air falbh agus tha am buidhe soilleir follaiseach a’ nochdadh na àite, air a fhreumhachadh gu maireannach sa ghlainne.
Stiuidio glainne dhathach Raib
Bu mhath leam taing a thoirt do Rab MacAonghais airson fàilte a chur orm don stiuidio aige a chuideachadh le a chuid obrach an lùib glainne dhathach agus a chuid eòlais a roinn, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri com-pàirteachadh ann am barrachd phròiseactan san àm ri teachd.
Faigh a-mach tuilleadh
Nar n-earrann air comhairle togail an-asgaidh, tha an rannsachadh agus an deagh chleachdadh as ùire air stuthan togail traidiseanta, air co-phàirtean, uireasbhaidhean cumanta, agus èifeachdas cumhachd.
Faigh a-mach tuilleadh mu ar Comhaltachdan Ciùird no cuir fios ma tha ùidh agad ann an aoigheachd a thoirt seachad agus co-obrachadh air Comhaltachd Ciùird.
Tha sinn a’ sanasachadh dhreuchdan bàna Comhaltachd Ciùird, Trèanadh agus Preantasachdan uile air duilleag Dhreuchdan Làithreach Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
Is e Comhaltachd Ciùird Glainne Dhathach a th’ ann an Gòrdan Muir, pàirt de ar Program Comhaltachd Trèanaidh is Ciùird a tha stèidhichte san t-Seada Einnsein agus air aoigheachd aig Rab MacAonghais, speisealaiche glainne dhathach creideasaichte le ICON. Tha eòlas Ghòrdain ann am Peantadh Ealain Ghrinn, Ealain Coimhearsnachd, agus cùram sòisealta le eòlas ann an gleidheadh agus cruthachadh uinneagan glainne dhathach. Tha a Chomhaltachd Ciùird a’ cur taic ris an sgil fo chunnart seo agus an sàs ann an obrachadh air coimiseanan agus pròiseactan glèidhteachais.
- Share this:
- Share this page on Facebook
- Share on X
About the author:
Gordon Muir
Gordon Muir is a Stained Glass Craft Fellow, part of our Trainee and Craft Fellowship Programme, based at the Engine Shed and hosted by ICON accredited stained glass specialist Rab MacInnes. Gordon has a background in Fine Art Painting, Community Arts, and social care with experience in conserving and creating stained glass windows. His Craft Fellowship supports this endangered skill and involves working on commissions and conservation projects.
View all posts by Gordon Muir